Fàilte
Fàilte chun an làraich-lìn againn far am faigh sibh a-mach mun bhuidheann againn agus mun adhartas a bhitheas sinn a’ dèanamh le bhi stèidheachadh an ionaid turasachd aig astar airson Hiort, anns an sgìre againn fhèin, Uig, Leòdhais. Tha coimhearsnachd Uig air a misneachadh gu mòr gur e a’ Geodha Sgoilt, Mangurstadh, a chaidh a thaghadh mar an làrach is freagarraiche airson an Ionaid, an dèidh farpais gheur anns an robh diofar sgìrean eileanach an sàs.